
Tha am buntàta na ghlasraich freumh, gu math pailt air feadh an t-saoghail, ach tha e a' buntainn ri Ameirigeadh a Deas bho thùs. Is iad na Spàinntich a thug am buntàta a-steach dhan Roinn Eòrpa, as dèidh dhaibh na h-Incas a chur fo smachd. Thathar a-nis ga ithe air feadh an t-saoghail ann an iomadach dòigh.
Tha ùr-sgeul ann gun tàinig am buntàta gu h-Éirinn sa chiad dol-a-mach le seòladairean Spàinnteach a' teicheadh bho na Sasannaich as dèidh na h-ionnsaigh neo-shoirbheachail le feachd-mara na Spàinn ann an 1588. Tha an aon sgeulachd aig na Scalpaich, ach a-rèir coltais dh'fhàg na Spàinntich sìol de leithid eile ann an siud!
Why are we here?
All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License
This page is cache of Wikipedia. History